Bothan Airigh Am Braigh Raithneach

Julie Fowlis

Intro verse 1 Gur e m' anam is m' eudail chaidh an-dè do Ghleann Garadh: fear na gruaig' mar an t-òr is na pòig air bhlas meala. Chorus O hi ò o hu ò, O hi ò o hu ò, Hi rì ri ò hu eile O hì ri ri ri ò gheallaibh ò verse 2 Is tu as fheàrr don tig deise de na sheasadh air thalamh; is tu as fheàrr don tig culaidh de na chunna mi dh' fhearaibh. Chorus O hi ò o hu ò, O hi ò o hu ò, Hi rì ri ò hu eile O hì ri ri ri ò gheallaibh ò verse 3 Is tu as fheàrr don tig osan is bròg shocrach nam barrall: còta Lunnainneach dubh-ghorm, is bidh na crùintean ga cheannach. Chorus O hi ò o hu ò, O hi ò o hu ò, Hi rì ri ò hu eile O hì ri ri ri ò gheallaibh ò verse 4 An uair a ruigeadh tu 'n fhèill is e mo ghèar-sa a thig dhachaigh; mo chriosan is mo chìre is mo stìomag chaol cheangail. Chorus O hi ò o hu ò, O hi ò o hu ò, Hi rì ri ò hu eile O hì ri ri ri ò gheallaibh ò Verse 5 Thig mo chrios à Dùn Eideann is mo bhrèid à Dùn Chailleann, gheibh sinn crodh as a' Mhaorainn agus caoraich à Gallaibh. Chorus O hi ò o hu ò, O hi ò o hu ò, Hi rì ri ò hu eile O hì ri ri ri ò gheallaibh ò Verse 6 Is ann a bhios sinn 'gan àrach air àirigh am Bràigh Raithneach. ann am bòthan an t-sùgraidh is gur e bu dùnadh dha barrach. Chorus O hi ò o hu ò, O hi ò o hu ò, Hi rì ri ò hu eile O hì ri ri ri ò gheallaibh ò Verse 7 Bhiodh a' chuthag 's an smùdan a' gabhail ciùil duinn air chrannaibh; bhiodh an damh donn 's a bhùireadh gar dùsgadh sa mhadainn. Chorus O hi ò o hu ò, O hi ò o hu ò, Hi rì ri ò hu eile O hì ri ri ri ò gheallaibh ò

Top songs from Julie Fowlis